An Gaidheal Alascanach

Monday, June 06, 2011



Thar an t-seachdainn sa chaidh seachad tha Sarah Palin air a bhith dol timcheall ceann an ear nan Stàitean Aonaichte ann an cuairt bus ach an ceist a th’ann ‘s e: a bheil i san rèis airson a bith na ceann-suidhe?

Thòisich i ann an Washington bho chionn còrr ‘s seachdain nuair a nochd i gun rabhadh air cùl motair-bhaighsaigeal aig tachartas cuimhneachaidh do shaighdearan a bhàsaich sna cogaidhean. Bhon uair sin tha i air a bhith nochdadh ann siud ‘s an seo suas ‘s sìos costa sear nan Stàitean Aonaichte.

Ma ‘s e gu bheil i san rèis, gu ruige seo, tha i air diùltadh ri innse. Ach ma tha, ‘s ann ann an dòigh caran neo-àbhaisteach a tha i air a bhith làimhseachadh an iomairt aice. Mar eiseimpleir, chan eil i a’cur clar-ama a-mach do na meadhanan ag innse càite a bheil i a’dol ‘s bith luchd-naidheachd ga leantainn mar a b’fheàrr as urrainn dhaibh. Nuair a rinn na meadhanan gearan mu dheidhinn sin, thuirt ise nach robh i ùbhlach dhaibh. Gu h-èibhinn, ann an Massachussets, chuir i bean-cleasaiche thuca mar Sarah Palin fhaoin airson agallamhan thoirt dhaibh aig a’cheart àm sa chaidh ise a dh’àite eile.

An t-seachdainn-sa thaghail i air New Hampshire, a’chaid stàite anns am bith bun-taghadh an ath-bhliadhna. Agus tha iad ag innse gun tèid i a Iowa nas fhaide dhen mhìos seo. ‘S e Iowa a’chiad stàite far a bhios caususes ann. ‘S e an diofar eadar caucus ‘s bun-taghadh, thèid bun-taghadh chur air dòigh leis an stàit, leis an dearbh inneal riaghaltais sa chì thu sa phrìomh-thaghadh. ‘S thèid caususes chur air dòigh leis na partaidhean fhèin as aonais taic sam bith bho'n riaghaltas. Co-dhiù, leis an taghadh de stàitean anns a bheil i a’siubhail, chan eil e doirbh ri smaoineachadh gu bheil i san rèis airson a bhith na cearnn-suidhe.

Agus dè a teans a th’aice co-dhiù? Uill, ann an sreath de chunntais-bheachd a th’air nochdadh sna làithean mu dheireadh, tha i co-ionnan ri neo puing neo dhà air cùlaibh Mitt Romney. Ach tha laigseas mairbhteach aig Romney: Chuir esan air dòigh lagh ann am Massachussets a tha gu math coltach ri Obamacare aig ìre nàiseanta ‘s tha gràin an uilc aig na poblachdaich air Obamacare. Nuair a dh’ionnsaicheas a’mhòr chuid nam Poblachdach air dè a rinn e ann am Massachussets, tha mi cinnteach gun càill e cuid mhòr dhen taic a th’aige an-dràsda.

Ach aig a'cheart àm, tha taic làidir ‘s cudtromach aig Phalin san Iowa air an do rinn sinn iomradh mar tha agus ann an Carolina a Deas. Bho 1980, cha do bhuannaich duine tagrachas nam Poblachdach gun a bhith buannachadh ann an Carolina a Deas.

‘S ann air sàilleamh sin gu bheil mi fhìn dhen bheachd gu bheil luchd-stiùiridh nam Poblachadh a’sireadh fuasgladh do Phalin.

Am measg nam Poblachdach as aithne dhomhsa, chan aithne dhomh duine a tha daignean airson Palin. Tha cuid mhòr amharasach mu deidhinn, nach eil i comasach a’chùis a dheanamh air Obama. Agus ge b’e cho taiceil sa tha cuid de na Poblachdaich dhi, tha beachd gu math trom aig na neo-eismeilich dhi, tha iadsan dhen bheachd nach eil i comasach ri riaghaladh. ‘S chan urrainn dhut an Taigh Geall a bhuannachadh as aonais taic bho na neo-eismeilich.