An Gaidheal Alascanach

Sunday, April 24, 2011

An Tea-Party agus an Deasbad Eaconomaigeach ri thabh Cosgaisean an Riaghaltais

Dh'fhaignich cuideigin dhìom an latha eile air dè a tha fa-near do na Deamocrataich ri thaobh nan geàrraidhean a tha na Poblachdaich a'moladh sna Stìatean Aonaichte.

Cha robh mòran freagairt agam aig an àm. Ach ‘s e ceist chudthromach a th’ann. Air cùil an èigheachd ‘s na h-ùpraid, tha deasbad mhòr chudtromach a tha ga leantainn ri thaobh eaconomaigeachd. Tha na deamocrataich a’dlùth-leantainn eaconomaigeachd Kenyesianach, sin far am bith an riaghltas a’toirt piseachd dhan eaconomaidh le bhith cosg airgead neo ann an dòigh nas motha na sin ‘s mar a tha an riaghltas a’deanamh an-dràsda, le bhith clò-bhualadh airgead. Dhaibhsan, an rud as fheudar ‘s e bhith cosg barrachd airson piseachd a thoirt dhan eaconomaidh. ‘S e dearg amaideas th'ann a bhith cur sàs geàrraidhean aig àm mar seo. Agus an fheaghain a tha moladh geàrraidhean, na Tea Partyers, uaill, nach iadsan a tha anabarrach fhèin aineolach ri thaobh eaconomaigeachd. Seagh, sin a tha iad a'cantain mun deidhinn.

Tha fear-beachd nn, Paul Krugman fear-eaconomaigeach a bhuanaich duais Nobel ann an eaconomaigeachd an an 2008 's a tha sgrìobhadh as leth na New York Times. Tha esan a’ riochdachadh gu math an seasamh sin.

Ach dhomhsa, chan e ‘s gu bheil na Tea-Partyers aineolach ri thaobh eaconomaigeachd, ‘s e s gu bheil iad air an earbsa a chall às eaconomaigeachd Kenyesianach. Nan robh a–riamh cothrom do Kenyesianachd a dhearbhadh mar cho math sa tha i mar bhun-bharail eaconomaigeachd, b’e seo an t-àm.

Rinn an riaghaltas a h-uile seòrsa rud airson piseachd a thoirt dhan eaconomaidh agus tha an staing ann fhathast. Bha an Stimulas ann 's TARP cuideachd. Cheannaich an riaghaltas GM 's chaidh an deficit am meud, bho $400 billion as car a bu mhiosa fo Bhush suas gu ìre leantainneach $1.5T a-nis. Agus an t-airgead a tha dhìth a clò-blualaichidh am Federal Reserve chòir fo’n fhacal bhrèagha Quantitative Easing. Agus as dèidh sin uile, ged a tha an an eaconomaidh fhathast caogallach, aon rud as cinnteach 's e gu bheil tòrr mòr fiachan againn a-nis. 'S na deamocrataich? Tha iadsan ag ràdh nach robh an stimulu mòr gu leòr. Sin a tha an leihid Paul Krugman a tha na nàdar de fhear-labhairt eaconomaigeach do na Deamocrataich ag ràdh.

Ach tha na Tea-partyers ag ràdh, 's mathaid nach eil Kenyesianachd cho math sa tha sibh a'saoineachadh. Nach bu chòir dhuibh fa ceisneachadhcha a-nis? Tha an eaconamaidh fhathast ann an staing, tha tòrr daoine gun chosnadh agus tha na fiachan oirnn a’sìor dol am meud. Tha sinn a’coimhead mar a tha na h-Èireannaich ‘s na Grèigich a’call smachd air an dùthchannan aca fhèin ‘s mura a bheil sinne an dearbh rud a dh'fhulaing, feumaidh sin smach fhaiginn air ar cuid ionmhais.