An Gaidheal Alascanach

Sunday, August 12, 2007

A' Sreap Beinn 'Ic an Aoghnais







'S e latha uabhasach breagha a bh' ann an-dè 's fhuair mi cothrom Beinn 'Ic an Aoghnais a shreap mu dheireadh thall. Tha i mu 4400 troigh os cionn na mara.
Dh'fheuch mi sin a dhèanamh an-uiridh ach cha b' urrainn dhuinn air sgàth dhroch aimsir. Uill, bha e cho breagha sa ghabhas. Rinn sinn e ann an 9 uairean.



Anns a' chiad dealbhan, tha sinn mu ceud troigh fo mhulach na beinne a' coimhead gu tuath. Chan fhaicear na beanntainn ud thall idir bhon bhaile. Chòrd e rium am faicinn airson a chiad uair.


'S ann darna dealbh, tha mi nam sheasamh san dearbh àite, ach tha an sealladh nas fhaide gu iar-thuath. 'S e meur an t-sàil a tha sibh a' faicinn. Tha na beanntainn Chilkat ri fhaicainn air thaobh thall an t-sàil. Tha iad a' dol suas gu 4,000 neo 5,000 troigh os cionn na mara. Ma choimheadas sibh gu ficeallach, chì sibh beanntainn eile air taobh thall nam beann Chilkat, nas fhaide agus nas àirde buileach: suas gu 18,000 agus fiu 's 19,000 troigh os cionn na mara.








A bharrachd air na beanntainn, chunnaic sinn gobhair-beinne. 'S ann dealbh seo, tha mi a' coimhead sìos oirre 's ise (ged a 's e gobhar-fhirean tha mi an ìre mhath cinnteach) a' coimhead air ais thugam.




Seallaibh san dealbh seo: Co mheud gobhair a tha sibh a' faicinn? Tha sia ann.


Tha dealbhan den stuth eile a tha dùil chur ann turas eile. Gu h-àraidh seallaidhean de bheanntainn a tha gu math biorach.