An Gaidheal Alascanach

Sunday, December 11, 2005

Triùir caraidean air an aon inneal air an t-slighe air ais

 Posted by Picasa

Slighe làn uisge a-rithist

 Posted by Picasa

Slighe làn deigh 's uisge

 Posted by Picasa

Sinn fhìn air an t-slighe air ais.

Seo mi fhìn 's mo nigheann sheasmach. Posted by Picasa

Inneal marbh

Sin far an do dh'fhàg an t-inneal briste. Tha dùil tilleadh air ais air a shon san earrach. Posted by Picasa

Cuairt Seilge

Fhuair mi cothrom dhol cuairt seilg an deireadh sheachdainn-sa. Chaidh sinn ann ann an carabaidean beaga sònraichte a tha comasach shiùbhal thar àiteachan cumhang fada bho rathaidean mòra. 'S e All Terrain Vehicles a chanas iad ris anns a'Bheurla.

Bha mi toilichte leis gu robh mo nigheann nas sìne a'tighinn còmhla rium.

Bha an aimsir air a bhith gu math fuar, eadar –10 agus –15 C ach aig tòiseach na seachdainne, thiondaidh an aimsir na bu bhlaithe buileach agus bha uisge trom ann. Bha fiù s eagal nach b'urrainn dhuinn dhol ann idir cho trom sa bha an t-uisge. Ach feasgar Dihaoine, nochd a'ghrian 's chuir sinn romhainn dhol ann.

Bha sinn còignear 's bha mu fhichead mìle romhainn ri shiùbhal anns an dòrchadas na h-oidhche. Gu fortanach, bha an dùthaich air a soilleireachadh fo dheàrrsadh na gealaich. Ach mar a dhlùthaich sinn air sreath beanntan, dh'fhàs an slighe na bu dhoirre. Bha deigh ann fhathast aig bruichean nan aibhinichean 's nan sruthan, 's b'fheudar dhuinn ar leigeadh sìos anns an uisge agus shreap suas a-rithist. Aig badaichean èile bha poll doimhne a thàinig suas gu ar glùinean 's gu leth roth ar innealan. Uaireannan, bha sinn air ar cuartachadh le sgòth puill a bh'air a thilgeil suas le na rothan.

Thàinig sean-fhacal do m'inntinn: 'S ann le fitheach a dh'èirich moch sùil a'bheathaich a th'anns a'pholl. Thàinig ìomhaidh do m'inntinn cuideachd: ATV na laighe bun os cionn anns a'pholl 's fitheach na suidhe air roth 's solas na gob.

Bhoill, mu còig mìle bhon bothan, bhris fear de na h-innleanan sìos gu goirt. Tha roth ann le fiaclan a bhios a'toirt cumhachd bhon einnsean a-chum na rothan. Bhoill, bhris e ann am pìosan beaga. Dh'fheuch sinn an t-inneal a shlaodadh ach bha am poll ro dhoimhne 's tiugh. B'fheudar dhuinn a threigsinn. Bha sinn sinn còignear 's cha robh ach dà inneall air fhàgail dhuinn. Dh'fhalaich sinn an t-inneal briste 's cùm sinn oirnn air an t-slighe, triùir air an darna inneal 's dithis air an inneal èile fo sholas na gealaich. Ràinig sinn bothan mu da uair sa mhadainn.

Gu-fhortanach, leis gu robh inneal a dhìth oirnn, cha b'urrainn dhuinn fiù 's cearc a ghiùlainn air ais. Mar sin, cha do shealg sinn idir. Anns a'mhadainn, dh'ith sinn bracaist 's thill air ais gu rathad.

Air an t-slighe a-steach, bha mo nigheann gu math sgìth. Bha i fuar 's fliuch gu math mi-thoilichte. Bhoill air an t-slighe air ais, bha i gu gearan sam bith mar shaighdear cleachdaichte ri càs agus cruadal.

Chuck