An Gaidheal Alascanach

Saturday, September 24, 2005

Earrannan a'Bhìoball

Tha spèis mhòr agam air a'Bìoball mar fhacal Dhè. Smaonich mi air earrannan a'Bhìoball a leughadh gu àrd 's an cuir an-seo bho àm gu àm.

Leugh mi an ciad caibideil an t-soisgeul a-rèir Marcuis. Seo an ceangal:

http://home.gci.net/~ctripp/soisgeul_a_reir_marcus_1.wav

Chan eil mi builleach cinnteach mi dh'obrachas sin mar a tha mi an dùil. Tha dùil agam gum bhiodh e ag obair dìreach on làrach-linn. Ach an turas seo a dh'èist mi ris, bha e ag iarraidh tighinn a-steach don coimpiutair agam.

Chuck

Monday, September 12, 2005

An t-Oranaiche

Nuair a bha mi ann am Vermont aig Collaiste na Gàidhlig USA, fhuair mi cothrom leabhar cheannach. 'S e An T-Oranaiche a th'air agus 's e cruinneachadh bàrdachd a th'ann. Tha e air a ath-fhoillseachadh le Sìol Cultural Enterprises à Alba Nuadh. Chaidh e foillseachadh airson a chiad thuras ann an 1879.

Tha 585 duilleagan bàrdachd san leabhar seo agus dhomh-sa 's e leabhar gu math prìseil a th'ann. A bharrachd air a sin, tha rudeigin ann nach robh anns an chiad fhoillseachadh: CD le ficheadh òrain air an seinn.

Tha òrain ann de gach seorsa. Orain a tha a-mach air na Fuadaichean (Fàsachadh na Gàidhealtachd, Gàidhlig (Am Faigh a'Ghàighlig Bàs?), òrain gaoil, orain chogaidh (Togaibh a'Bhratach).

Ged a tha an leabhar seo rudeigin cosgail, mhollainn an leabhar seo. 'S iomadh uairean a bha mo shròn na dhuilleagan nuair a bha mi air saor-laithean.

Chuck