An seo, 's urrainn dhuinn choimhead a-mach o thaobh a-steach. Abair am balla peante agus an taobh a-muigh. Tha an doras air a deanamh leis na manaichean fhèin.
Bha toglaichean èile ann agus àiteachan taobh a-muigh airson ùrnaigh. Chan fhaca sinn duine sam bith ged a fianais gu leòr dhiubh ann. Ach bha a h-uile càil fosgailte. Choisich sinn tron a h-uile càil. Thuirt ar cairdeanan gu robh sinn fàilte gu teagamh ach gu robh iad air falbh airson greis.
An Gaidheal Alascanach
Monday, July 11, 2005
Cuairt air Icon Bay, Spruce Island
Fhuair sinn cothrom dhol a-mach air am bàta càirdeanan againne. Bha an aimsir cho grianach agus am muir ciùin.
Thèid sinn gu àite gu math sònraichte a tha 'Icon Bay' a th'air mar ainm. 'S e àite gu math cudtromach airson na h-eaglaise Cheart-chreidmheaich Ruiseanaich. 'S e àite far a bheil Naomh Herman air a thiodhlacadh.
'S e àite gu math iomlach, air a chuairteachadh le coille. Chan eil ann ach baile beag aig a'cheann thall an eilein.