An Gaidheal Alascanach

Thursday, March 24, 2005

Dè as cudromaiche Airgead neo Beatha?

Chanain gun chanadh a'mhòr chuid cur e beatha agus tha mi ag aontachadh riutha.

Anns na Stàitean Aonaichte nuair a cheannachas rudeigin prìseil mar càr neo taigh, feumaidh a bhith pàipearan ann leis d'ainm-sgrìobhte air. Mar eisimpleir, tha pàipear ann a tha ag ràdh cò mheud dollaran a d'fhuair thu air iasad agus bith thusa a'gealladh air pàipear gum pàidheah thu air ais an t-airgead. Agus, leis a'phàipear sin, b'urrainn do bhanca dhearbhachadh gun do gheallaidh thu an t-airgead a phàidhead air ais. Mura bheil a leithid ann, 's dòcha, bhiodh thu comasach dhiùltadh a phàidheadh air ais, b'urrainn dhut a chumail a-mach nach d'fhuair thu airgead air iasad a-riamh bhon bhanca. Agus bhiodh sin uabhasach fhèin uabhasach.

Ach ma tha thu airson a chur às do chuideigin, cha leig e leas a bhith paipear sam bith ann. Chan eil dìth ort ach 1) a bhith pòsda aig duine a tha thu airson a chur às 2) agus a chùmail a-mach nach bhiodh do chèile ag iarraidh a chumail beo ann an suidheachadh mar sin. Oh, feumaidh do chèile a bhith gu math tinn, eu-comasach a bhruidhinn air a shon fhèin. Ach sin e. Chan feum a bith air aithris sgrìobhte neo ainm-sgrìobhte a'dhuine a tha tinn neo fianais sam bith èile gur e sin dha-riribh a bhiodh an duine a tha tinn neo leonte ag iarraidh.

Bith sibh a'tuigsinn, bhiodh e direach sgriosail nach b'urrainn do na bancaran a dhearbhachadh dun d'fhuair thu airgead air iasad, ach air rèir coltas, chan eil e draghail idir nach urrainn do cuideigin dhearbhachadh gu bheil a chèile ag iarraidh air a chur as. Tha sin math gu leor. Siuthad math tha.

Cuiridh mi geall gu bheil tuilleadh pàipearan ann airson a' chuid shaoghalta aice a roinneadh sa bh'ann airson a cuir gu bàs.

Saoil, ann an nì fhèin, dè da-riribh as cudromaiche?

Chuck

Wednesday, March 16, 2005

A'Chàisg 's Isaiah 52.13 thairis a 53.12 (3)

Uill, thug mi suil air na eadar-theanachaidhean èile ann am Beurla agus Fraingis. Tha a h-uile eadar-theanachadh Beurla a th'agam ag rath 'crathadh uisge' direach mar a tha am fear Gàidhlig. Ach tha am Bioball Fraingis a th'agam ag ràdh: "De même il sera pour beaucoup de peuples un sujet de joie." Tha sin eadar-dhealaichte.

Ma tha e a'ciallachadh ann an da-riribh 'crathadh uisge' 's dòcha tha e a-mach air a bhith a'toirt na peacaidhean o na muinntir mar a tha e nas fhaide anns an earann agus 's e sin a bith iongantach.

a' cumail leis an earann 15. :

'Na fhianais druididh rìghrean am beòil...agus an nì nach cuala iad, bhei iad fa-near'

A-rithist bidh an òglach Dhè neo-àbhaisteach, iongatach.

53.1 "Cò a chreid ar teachdaireachd?..."

A-rithist, bith rudeigin eu-coltach a'tachairt agus, 's dòcha, nach bith a h-uile duine a chreidinn.

53.2 Tha bith e breagha nar sùilean.

53.3 An-seo, tha a'chùis air atharrachadh gu mòr. An toiseach bith an duine air àrdachadh gu mòr. An-seo tha e 'air a dhìmeas...eòlach air bròn...chan eil suim againn dheth...

An e an aon duine a th'ann? Nan robh mise air mo dhìmeas, eòlach air bròn agus mar sin air adhart, nach bhiodh a'fearchdainn cho air mo àrdachadh. Agus bhiodh an suidheachadh mi-thoileach gu leòr dhomh nan robh e direach 'bad luck' a bh'ann. Ach anns an ath earrann, tha e nas miosa. Tha e air a bhualachadh le Dia.

53.4 '...air a bhualachadh, air a smachdachadh le Dia...' Ciamar a 's urrainn do dhuine a bhith air àrdachadh le Dia agus air a bhualachadh le Dia aig an aon àm? Ciamar a 's urrainn do cuideigin a bhith air a àrdachadh agus a'coimhead mar an robh e air a smachdachadh le Dia? Mar a thuirt an teagsa roimhe, bith tòrr iongantas ann.

Ach ann 53.4, tha beagan freagairtean ann do na ceistean seo cuideachd. 'Gu deimhinn ar n-anfhainneachd ghiùlain e...'

Tha am mionnachadh nas coileanaiche ann an 53.5 '...lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan...'

Anns an t-Seann Tionmadh, 's e le bhith ag ìobairt beathaichean a bha na peacaichean air an toirt seachad, an ìre mhath co-dhiugh. Saoil dè a bha na daoine bhon àm ud a'smaoineachadh nuair a leugh iad gun bhiodh cuideign a'toirt peacaidhean seachad.

Tha ceist agam. Tha mòran a'caitheamh crann-ceusaidh beag air am amhach. Dè tha sinn a'ciallachadh? Do fheadhain, 's ann air sgàth s' gur iad crìosdaidhean a th'annta. Do fheadhain eile, tha e direach rudeigin snog a caitheamh. Ach dè bhoidh sinn a'smaoineachadh nan robh cuideigin a'caitheamh cathair-dealan neo cathaidh-crochaidh air a amhach?

Tha an ath earann gu math cudthromach.

'Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran, tionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn."

Tha sinn cho cudthromach sa ghabhas. A-rèir an earainn seo, tha dìth air gach h-uile duine air a bhith air am glanadh o am peacaidhean.

Uill, rinn mi an leasan latha na Sàbaid. Seo na deireadh na notaichean a rinn mi anns a'Gàidhlig.

Tha aon rud eile ann a lorg mi a tha inntineach.

earann 8. '...ghearradh as e o thìr nam beò...'

Anns an t-seann Tionmadh, tha iomdach dòighean faighinn bàs, dòighean matha agus dòighean nach eil cho matha. Mar eilimplir, b'fheàrr leat a chadail maille rid athraichean. 1 Ri 2.10, neo a bith na seann duine (neo bhoireannach), agus làn de bhliadhnachan agus air do chruinnicheach a-chum do mhuinntir (Ge 25.8). Ach air an làimh eile, 's e droch rud a bhith air do ghearradh. 1 Le 20.3 msaa, Sa 37.9.

Tha e gu math iongatach dhomh ciamar a s'urrainn do chuideigin a bhith air a àrdachadh agus aig an aon àm a'fualang rudan mar sin.

Tha an t-earrann seo gu math sònraichte.

Chuck

Tuesday, March 08, 2005

A'Chàisg 's Isaiah 52.13 thairis a 53.12 (1)

Feumaidh a bhith deiseil airson an t-seachdain seo leis an leason seo. Mar sin tha mi a'cùmail an leasan seo a ullachadh air loigne mar gum bhiodh.

Chanainn, mura bheil cuideigin eòlach càite as an do thàinig an criomag seo, bhiodh a'mhòr chuid den bheachd gu bheil e as an Tionmadh Nuadh leis gu bheil e a-mach air Chrìosda. Uill, tha e a-mach air Chrìosda ceart gu leòr ach tha e as an t-Seann Tionmadh, sgrìobhte mu sheachd cheud bliadhnaichean mus rugadh Chrìosda. Tha an criomag seo gu math iongatach inntineach dhomh air sgath sin.

Mar a thuirt mi latha eile, tha e car coltas ris an fiolm a rinn Mel Gibson, leis gu bheil e a-mach gu h-àraidh air ìobairt-rèitich a rinn Chrìosda.

52.13 Tha an earann seo a'toiseachadh le bhith ag innis dhuinn gum biodh ìglach Dhè air a thogail suas 's air òàdachadh.

Feumaidh mi radh aon rud mu bhàrdachd Eabhraidheach. Mar as trice, bhios rud air a innis dà thuras. Seo eisimpleir dheth.

'Bith e air a thogail suas, agus air àrdachadh.'

Agus dh'innseadh dhuinn an t-aon rud an treas turas: 'agus bith e ro-àrd.' 'S dòcha gur ann airson cuideam a bharrachd na b'àbhaist a thuirt am fàdh an aon rud an treas turas.

Feumaidh mi rud eile a radh mu bhàrdachd Eabhraidheach, uaireigin bhiodh an dha phàirt den rann calg-dìreach an aghaidh ri chèile. Mar eiseimplir, chithear sin gu tric anns na Gnath-fhacail nuair a bhios iad a-mach air amaideachd 's gliocas.

Leis an ath-earann, thòisich a'chùis a bhith rudeigin neònach, o shealladh shaoghalta co-dhiugh. Oir tha an t-ùghdar a-mach air mhò-mhaise a'dhuine a togar suas. 'S e sin a'chiad fianais, 's dòcha, gum bith an duine seo rudeigin neo-àbhaisteach. Tha mi a'ciallachadh, gu h-àbhaisteach, nuair a bhios sinn a-mach air glòir dhuine, cha bhith sinn a'bruidhinn mu cho grànda sa tha e, fiùs ma tha e grànda. Gu h-àbhaisteach bith sinn a-mach air na rudan maith seach air na dhroch rudan. Fianais eile gum bhidh an duine seo rudeigin eadar-dhealachte: 'iongantas.' Bith iongantas ann.

v15'...Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach...'

Dè fon ghrian a tha sin a'ciallachadh? Crathaidh e uisge?

Uill, rinn mi beagan rannsachaidh:
http://www.bible.org/page.asp?page_id=2552

A reir iadsan, 's urrainn don fhacal Eabhraidheach a'ciallachadh crathadh uisge mar phrìomh chiall. Ach 's urrainn dha a'ciallachadh rudan èile co-ceangalte ri iongatadh. Chan eil fhios agam. Chan eil mi eolach idir air Eabhraidhich. Ach tha mi eolach gu leòr air an fhacal a bh'air a chleachdadh nuair a dh'eadar-theanachaidh iad an Seann Tionmadh don Seann Greigis. Seo e.

'Outws qaumasontai eqnh polla ep' autw..'

Gu mi-fhortantanach chan eil fhios 'am na litrichean greigeach a dheanamh. Co-dhiugh, 's e 'qaumasontai' a thug m'aire. Bith e air a fhuaimneachadh mar 'thaumasontai.' Agus tha an ciall an fhacail seo car coltas ri 'iongatas.'

Co-dhiugh, tha an ciall seo nas coltaiche dhomh anns an suidheachadh seo agus air sgàth gur iad na Eabhraidheaich fhèin a rinn an t-eadar-theanachadh don t-seann Greigis, agus bha iadsan gu math eòlaiche air an ciall ceart.

Cùmaidh mi leis a sin a-maireach tha mi an dòchas.

Chuck

Friday, March 04, 2005

A'Chàisg 's Isaiah 52.13 thairis a 53.12

Rud gu tùr eadar-dhealaichte. Aig an eaglais agam, aig sgoile latha na sàbaid, tha an tìdsear a'teagasg tron leabhar Isaiah. Tha sin inntinneach da-riribh. Thuirt mi ris cho mòr sa bha sin a'còrdadh rium. Thuirt e gur e leabhar a 's fhearr leis às a'Bhìoball agus 's e rudeigin mar fichead bliadhna a tha e air a bhith a'deanamh rannsachadh mu dheidhinn.

Co-diugh, dh'iarr e orm an clas a theagasg ann dha sheachdainn. Bith e air falbh agus 's 52.13 thairis air 53.13 a dh'iarr e orm a teagasg. Bith sinn inntineach agus freagarrach, oir bith sin direach seachd mus a'Chàisg. Tha an earrain seo gu math freagarrach air a'Chàisg.

'S toigh leam sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus feumaidh mi deasachadh airson a'chlas. Saoilidh mi gun nì beagan na seasachaidh le bhith a'sgrìobhadh cuid de na smaointeann agam an seo. Gu dearbh, bith na smaointean a sgrìobhaidh mi an seo rudeign pearsanta. Ach, ma tha cuideigin airson a bheachdan a chuir thugam, biodh mi toilichte am faighinn.

Thòisich mi mar an earann a'sgrìobhadh:

13. Feuch, nì m'òglach gu glic; bidh e air a thogail suas, agus air àrdachadh agus bidh e ro-àrd.
14. Mar a ghabh mòran iongnantas riut (is cho mòr a'mhì-mhaise a rinneadh air a aghaidh, seach aon doine; agus air a dhreach, seach clann dhaoine);
15. Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa-near.

53
1. Cò a chreid ar teachdaireachd? Agus cò don robh gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh?
2. Oir fàsaidh e suas mar fhaillean na làthair, agus mar fhreumh à talamh tioram; chan eil sgèimh no grinneas aige, gun amhairceamaid air; cha mhò a tha maise aige, gun iaramaid e.
3. Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh'fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.
4. Gu deimhinn ar n-anfhainneachd ghiùlain e, agus ar doilgheasan dh'iomchair e; ach shaoil sinne gu robh e air a bhualach, air a smachdachadh le Dia, agus air a chlaoidh.
5. Ach lotadh e airson ar peadadh-ne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdainsan shlànaicheadh sinne.
6. Chaidh sinne uile, mar chaoraidh, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.
7. Shàraicheadh e, agus rinneadh aineart air, gidheadh cha d'fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a-chum a'chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an lathair a luchd-lomairt, mar sin cha d'fhosgail e a bheul.
8. O fhòirneart agus o bhreitheanas thugadh air falbh e; agus a ghinealach cò a chuireas an cèill? Oir ghearradh as e o thìr nam beò; airson easaontas mo shluaidh-se bha e air a throm-bhualach.
9. Agus dh'òrdaicheadh a uaidh maille ris na h-aingidh, agus maille ri duine saoibhir na bhàs; airson nach do rinn a eucoir, agus nach robh cealg na bheul.
10 Ach b'i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e; nuair a nì thu a anam na ìobairt-rèitich, chì e sliochd, sìnear a làithean; agus soirbhichidh rùn an tighearna na làimh.
11. De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m'òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan.
12. air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a'mhòran, agus roinnidh e a'chreach maille ris na cumhahdaich; a chionn gun do dhòirt e a-mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.

Cùmaidh mi leis a sin nas aide. Tha mi sgìth. Ach feumaidh mi ràdh gu bheil an earrann-se a'cuir nam inntinn am fiolm a rinn Mel Gibson an-ùraidh. Co-dhiugh, tuilleadh smaointean nas fhaide.

Chuck